Sunday, July 25, 2010

Dà fheanag ( 's ar cànan)


Bha dà fheanag ann air balla
‘s thuirt an tè gu na h-eile
"Cait’ a-nochd an rachadh sinn
a dh'fhaighinn ar biadh, dinn'?"

"Tha fios ‘m far a thuit gaisgeach bochd
's tha e na laighe lomnochd
air a mharbh, bàsachadh.
'S th'a h-uile duin' aineolach.

"'S chan eil dragh aig duin’ sam bith,
's chan eil duine èasgaidh
a tighinn a chuideachadh
no gun e a dol gun sàbhaladh.

"Tha a chù leis na madaidhean-allaidh,
‘s each aig' thar nam machair ruith,
‘s ann dhan an danns a chaidh a ghràdh,
às a ciall cho luath 's as a fradharc.

"Dhìochuimhnich a shluaigh e
's ann dhan geam' a tha a bhuidheann
's choimhead a chlann air an tellaidh,
's lorg a choileapach a' horo-gheallaidh.

"Rachamaid null 's lorgamaid e,
's air a chnàimh ugain nam shuidhe
bidh mi a piocadh a shùl' uaine,
agus spionaidh thusa a ghruaige buidhe
's tugaidh ar nead air an craoibhe.

‘S os cionn a' chnàmha bidh a’ ghoaithe
a' sèideadh gainmhich gu sìorraidh bràth-sa."

No comments: