Saturday, August 9, 2008

tachairt neonach ...


Dh’innis e dhomh, gun robh seo a fuamnachadh mar gur e breug a’ th’ann ach bha fhirinn aige. ‘B e duine tiugh a’ th’ann, le falt donn ‘s gàire ri òigear air ach ma shealladh tu fad sa shuillean – a bha uaine-geal air a nochadh aig a’ chiad shealladh – ‘s ma choimheadadh thu uine goirid, lorgadh thu doimhne dhubh an sin. Dubh ‘s trom mar duine a bha mìle bliadhna an aois. Nuair a thuirt e na faclan seo, cha do choimhead e orm ach air an glainne leinn a’ thog e anns an laimhean meallach aige ‘s nach dh’òl e fhathast ach ghreimich e le èiginn shàmhach mar gur e loidhne-teasairginn a’ bh’ann ‘s gun e bhiodh e air a bhàthadh.

leanar …

Wednesday, August 6, 2008

An caint na bruide ‘s a’ chogaidh …


Leugh mi na faclan seo an-diugh, agus sheall mi mu dheidheinn. Smaoinich mi mun cho fada – cho iomadh bliadhna ‘s iomadh linn – a tha sinn a’ bruidhinn anns a’ chànain na bruide. Gu dearbh, tha eagal orm ann an ar bruidhinn an teanga am beathaich gu tric tha sinn air a’ cluich am pàirt na biast … mar eiseimplir, nuair a shabaid sinn anns na airm ìmpireachdan Bhreatannach no Ameireaganach … nuair a’ theich sinn ainneart na luchd na bruide anns an beanntainn sean againn, dh’ionnsaigh sinn an caint gu math gu leòr a dèanamh foirneart air na Afriganaich ‘s na Ameireaganaich dubh ‘s na Innseanaich.

A-nis, ‘s e sinn a tha a’ giùlan an cainnt sin fhathast – an cainnt den fuil ‘s fulang -- chun uile dùthachan den saoghail. A bheil sinn ag iarraidh a’ leantainn ri an t-uisge na Ghoill a’ thogadh? No a bheil sinn sgith air?

Tilleadh chun na faclan os chionn agus mo cheist: Dè cànan an e a tha an sgriobhadair iomradh a’ thoir? Ma an e an cànan Beurla a thig dhan inntinn agad … dè an dèan sinn mu dheidhinn?

Sunday, August 3, 2008

m'aisling ...


Bha mi uabhasach trang an t-seachdainn. Bha mi ag obair agus bha mi a’ sabaid le fiaclan goirt. Anis tha mi antibiotics a’ ghabhail, agus cola-deagh feumaidh dol air ais airson a’ bhith a’ dol fon lansadh. Mo chreach!

Ach, sa mhadainn, dhuisg mi a’ smoinnechadh mun dheidhinn foghlam Gàidhlig. (‘S e rudeigin a’ th’ann nach eil riamh fad’ bho mo bheachdainn.) Feumaidh siostam foghlam air a’ thogadh a nach teagasg an cànan a-mhain ach tarraing na olineach ‘s na chloinne ‘s na muinntear den Gàidhealtach a-steach a’ choimhearsnachd. Ciamar am bidh sin air a’ dèanair? Chan eil fhios ‘m gu cinnteach, ach – mar a’ thoirt mi – tha beachdainn agam.

A’ chiad thuras, chan e foghlam a’mhain mu dheidhinn a tha sinn ag ràdh … no, ‘s dòcha bithidh e nas fheàrr ri ràdh gu bheil foghlam nas motha na tha e riamh ann an ar mac-meanmnain. Anns an doigh sin, ‘s e nas cudromaiche gur e foghlam Ghàidhlig rudeigin cruth-atharrachadh a bhith ann … a cruth-atharraichidh na oleanaich ‘s ar beò ‘s ar cairdeis fhein.

Chan e na luchd-teasgaig tidsearan a-mhain a’ bhith. Feamaidh iad ag altram na Gàidheil ùr; ‘s e iad oidean ‘s muimeachan a bhith ann airson an ath-linn. An linn a’ tighinn. (‘S dòcha bithidh gach tidsear a’ fuireachd comhla le gach ìre nas fhaide nam bliadhna …)