Saturday, July 26, 2008

ceithir cèistean


7/25/2008

Bha mi ag èisteadh ri an radio an dè – ri agallamh le dà sgriobhadair leabhar. Ars iad gur e ceathrar cèistean a’ th’ann am faodaidh duine faighneach mu dheidhinn adbhar dhuine ‘s a dhoigh anns an t-saoghal.

‘S e a’ chiad cheist a th’ann, Cò an e a th’ anam? agus Dè a tha mi ag iarraidh?” (Seall mi gum faodaidh duine a faighneach, Cò as a tha mi?)

Ma theireadh duine Cò as a tha mi? airson a’ chiad cheist, tha an darna cheist a’ dol, Cait’ a tha mi a-nis? agus Carson?

Tha an triur cheist a’ dol gun cridhe den cùis – Dè am bithidh mi a dèanamh? Agus Ciamar?

Mu dheireadh thall bu choir do dhuinne a’ faighneach, Cò an e mo cho-chomhragaichean? agus Ciamar a ‘s urrainn dhaibh gam chuidcheachadh?

‘S ann anns na duilleagean seo tha mi an dòchas am bithidh mi na cheistean seo a’ fhreagair, ach ‘s dòcha ‘s urrain dhomh tòiseach.

‘S e duine a’ th’anam anns am meadhan mo bheatha, agus a’ tha air a tighinn cho fada seach gu bheil mi a’ coimhead mun chuirt ‘s tha mi mu dheireadh thall a’ tuigsinn. Tha mi a’ tuigsinn na feumaidh mi dèan ged nach fhios agam ciamar; tha mi a’ tuigsinn den seorsa duine a’ th’agam … tha mi tuigsinn airson dhè a tha air mo chiallachadh. Gun pròis, tha mi airson ag obair airson a’ chànain Ghàidhlig. Gun dèanamh bost, feumaidh mi cuideachadh Gàidhlig a’ thogail.

Ach – ciamar am bu choir dhomh seo a dèannamh?

Wednesday, July 23, 2008

'S'ann le orainn againnsa a tha sinn an lagh a' bristeadh...


Mo ghràid …

An diugh tha mi air a leughadh anns an nobhail le A.P. Caimbeul, Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là. ‘S e sgeulachd glè inntinneach a’ th’ann. Cha robh mi ga chriochnachadh, ach tha mi aig an àite far a bheil an daoine a’ tha an sgèoil ag innseadh – gur e an neach-aithris a’ th’ann -- ann an taigh-chuthach. A dhìth-cèille? An eucoir? Tha e a’ brudhinn Gàidhlig, agus anns an t-saoghail sa tighinn, ‘s e an aghaidh an lugha airson duine sam bidh a bhios a bruidhinn cànan sam bidh ach Beurla.

‘S e ceannairc a’ th’ann (a tha an lugha-cànan ag ràdh) a’ bhith a’ bruidhinn ann an teanga coimheachann agus anns an crùinne ùr, ‘s e coimheach a th’ann a h-uile teanganan ach Beurla.

Co dhieu, ma ‘s ann an seo a tha sinn an lugha a’ bhristeadh, leig sinn ga bhristeadh le cèol …

Tha mi sgith na luchd na Beurla ...

Mar a tha an seanfhacal ag ràdh … thig crioch air an t-saobhal, ach mairedh ceòl ‘s gaol

Sunday, July 20, 2008

A bheill Gàidhlig a bàsachadh?




Tha daoine sam bidh ag ràdh gu bheill Gàidhlig a’ bàsachadh, coltach ri nach e cànan a th’innte, ach bò shean a cha mhòr a bhios bèo agus a’ tarraing gu diorbh anail mu dheireadh. No tha iad ag ràdh gur e cànan a chan eil feum aige a-riamh coltach ri gur e inneal meirgeach a’ ann am bothan air diochuimhne. No tha iad ag ràdh gu bheil tìde Ghàidhlig air e a dhol seachad, agus ‘s e Gàdhlig “pios thaigh-tasgaidh” a th’ann, agus nach e cànan mòdam no “cànan shaoghal” airson an aona linn fichead a’ th’ann. Oir na adhbharan seo, tha iad a’ toirt, bu choir dhuinn leigeil le a’ Gàidhlig a dol fodha.

Chan eil mise ag aontachadh le na beachdan seo, airson chan eil cànan a’ bàsachadh a-mhain fhein coltach ri beathach anns an achadh. Bidh muinntire a’ socrachadh air an dàn chànan. Bidh eachdraidh a’ dol a atharrachadh le na roghainnean a bhios daoine a deanamh. Bidh daoine a’ roghnachadh gum bidh a bruidhinn ann an cànan no cànan eile. Agus ma a bhios Gàidhlig a bàsachadh, bidh e carson bidh daoine na ag ràdh gu bheil gaol aca air an cànan a leigeil e tuiteam sìos.

Gabh beachd air an seo: Air chor ar cànan ‘s gun a bhios bèo, tha càil againn nach a bhruidhinn i. Cha bu choir dhuinn a’ stad a bhruidhinn anns a’ Gàidhlig nuair a’ bhios sinn ann an rùm far am bidh Goill, ach an aghaidh, feumaidh sinn bhith moiteil à ar cànan agus misneachd nuair a bhith sinn a’ cur Gàidhlig air adhart. Agus nuair a bhios mise ag ràdh “sinn”, tha mi ciallachadh a h-uile duine -- tha e cudromach gum bidh gach Gàidheal agus bana-Gàidheal a’ dol na miseannaraidh a’ Ghàidhlig. Feumaidh pàrantan a’ bhi bruidhinn comhla ris an cloinne anns a’ Ghàidhlig agus ag ionnsachadh dhaibh gum bidh e nas cudromaiche gum bidh am Facal bèo anns na beòil aca ‘s air na teangannan aca, agus anns na beòil ‘s air na teangannan na chloinne-sa acasan.

‘S e dùthach gun stàit a’ th’annainn. Tha sinn air a sgaoileadh mun t-saoghal. ‘S e an àm a-nis a cruinnichachadh na muinntir. Feumaidh sinn a dol a-mach anns am meadhan na mhuinntir agus a toirt am Facal dhaibh. ‘S dòcha gum bidh sinn a’ cruinnichachadh ann an coinneamhan beaga. Ach tha an cruinne a’ dol a dheannamh ann an dithisean ‘s triùirean, mar a bhith e a’ dol a ath-dheanamh.

Seachd, nuair a faighnichas duine dhomh gu bheill Gàidhlig a’ bàsachadh, bhithidh freagairt agam: Chan eil, ged a tha i air a bhith na cadal, ach a-nis tha i a’ dùsgadh.

an toiseach

An diugh, tha mi a tòisheachadh a sgriobhadh anns a’ Ghàidhlig. Bidh mi a sgriobhadh anns a’ Ghàidhlig a uile latha, gach latha. Chan eil dragh orm ciamar a bheil cho mòr no cho beag a tha am pios … no dè mu dheidhinn … no mura bheil e ceart no ceàrr … ‘S ann nas cudromaiche a bhios mi a’ sgriobhadh.

B’fheàrr Gàidhlig briste na Beurla cliste.