Sunday, July 25, 2010

a' call mo ghaol




Mo bhallach, an do ghabh thu do chrìdh'?
Cha ghabh, bha mo làmh air crith.

Mo bhallach, dè am bidh thu a' dèanamh a-nis?
Gheibh mi tè èille nas freagarraich' a bhanais.

Mo bhallach, dè mu dheidhinn do rùn?
'S nas binne m'òran, nas droighniche mo chrùn.

Air tadhal air Dùn Robain




'S e na stìopallan binneagach
a' Chaisteal na Bhana-Diùc ceannardach
a chunnaic mi sa chiad dol-a-mach
nuair a ràinig mi Dùn Robain.

Ach cha mhòr nach b'urrainn dhomh a shealltainn
gun air na muinntir a smuaintean
no mun fulangais aca an do thog na bailtean --
na bochda Dhùn Robain,

na taighean aca os an cinn an losgeadh ...
's iad air a fhuadachadh gu garbhalach
a chaidh a canadh ath-leasachadh
leis a' Bhana-phrionnsa Dùn Robain.

'S ann le sùilean ùr' a chunnaic mi
an stòras mìorbhailteach a chàrn i
agus a goidnich cha mholaidh mi --
na uabhasan Dhùn Robain.

'S ann cho geal ris cnàmhan an rutadh
mar a chaidh gu duslach am pronnadh
's an uair sin an tàthadh
bha am mùr Dùn Robain.

Dhealraich le corra-shùgain
priobadh na brionnagan
mar daoimean sna tòinn' Shatain
an t-sìth-bhrugh Dùn Robain.

A-staigh ròisealear fànnaichean òr
's airgead air a thòrradh
's gun leaghadh iomadh leabhar
anns an talla Dhùn Robain.

Bha dealbhan deach linntean ann
taisbeanadh gnùisean mòr aca fhèin faoin'
sgallaiseach sheall a' chinnidhean sin
orm bho na bailtean Dhùn Robain

Thug mi an aire dha na gruidhe reòthte
's na sùilean fuara nach blàthaichte
le smuain chomh-thruaighe no bhàidhe
aig na mór-uaislean Dhùn Robain.

S' ann mar le gruaige nan cailleach na coimhearsnachd
a fhigh na h-ighne na rìghinn na chroch-bhrait
a chroch iad le pròis feadh na h-ionaid --
an seòmar-biadhtachd 's aoidheachd 's cuideachd.
anns an taigh-oighreachd Dùn Robain.

Chunnaic mi na cìrean airgid --
am fiaclan mar air a spìonach
a-mach beoil nam pràpanach
na muinntireach Dhùn Robain.

S' ann anns an taigh-tasgaidh
bha dà cheud cinn ainmhidh
airson spors a mharbh iad,
na tighearnan Dhùn Robain.

Ach cha robh guth no sealladh ann
orr' a dh'fhogair iad n'aghaidh na lann'
Cait' a bheil na cinn nan duine gann-
fhortanach Dhùn Robain?

Anns a' ghàrradh mar fear aig a' bhànrigh
Antoinette cha mhòr nach do fhuair mi
boillsgeadh fann-solas dhith --
chluich na nighean rìgh Dhùn Robain

'S nuair a sgrìob mi (anns mo cheann) an t-òran
mun a' ghlut 's a partanachd 's a lon ...
's mu dheidhinn nan cruimh bith-bhuan
aig an t-sluagh Dhùn Robain,

's mi caillte sna mo mhac-meanmna
shìn a Bhana-Diuc às a h-uamh-sa
's chur i cas bacaig orm-sa
sìos na staidhre Dhùn Robain.

Chan e crìochnachadh an donais --
nach aideachadh no aithreachas
cogais no fhèin-agartas
eadhon anns a' bhàs Dhùn Robain.

Mo ghràidheana, loisgeamaid i far a bheil i
's na toirmaid tròcair no mathanas dhi
's na guidheamaid faothachadh fois no sìth -
air a' bhana-dhiabhail Dhùn Robain --

Na diocuimhnicheamaid gus crìoch an t-saoghail
mairidh partanachd 's cruadhail
's mi-rùn nan Gall ri clann a' Ghàidheil:
Cuimhnicheamaid gu brath Dùn Robain.

gaoir fhear bàthadh anns an fhàsach




An e ciamar a tha e a faireachdainn
nach urrainn dhomh a' tarraing gin --
nach anail, nach sgrid, nach deò
's a bhith air mo bhàthadh
sna duibh-neòil
's a bhith eadar-dhà-lionn
nach fios agam a bhithinn
a' greimeachadh an sàs
mo bheò, no fàiltich luath-bhàs?

'S e iad a bha gam mhion-cheasnachadh
nach s'urrainn dhomh a fhreagradh
ann an doigh nach mi-thoileachadh
leis a' cheistear mòr.

Ach cha do leig e orm
ag aideachadh
gus bhiodh mi a' gairm
peacaidhean-gnìomha 'gam
seachdainean fad' a' thìd'
sna mo ghoirtichidh.

'S gus leig mi cnead asam
mar a bhiodh an saoghal
sna mo chràdh mar sgaoil
no mar a chaidh an turtur shìochchath
ann am mile bloighdean a sracadh
no chaidh mo chorp a sgealb
ann an cho mòran pìosan
's nach bhiodh esan
riamh air a chur co-dheanta
an sìorraidheachd seo,
cho uabhasach
bha mo dhòrainneachd-sa.

'S ann daonnan gu leor
bha a cheistear-mòr
deatamach dearmalach ana-chùramach
's àbhachdach càirdeil aghmhor.
'S ann gu àraidh nuair
a shìn e mi thar a’ bhùird
chaidh e chun obair le sùrd,
aoigheil feadail a cur
gu caol-mo-choise an h-ùird
's ghàir e mar thug e car asam --
"Air do bhonnagan a ghràdh 'gam!"

Chuir e a' chochall air m' cheann
's ùirean dealan anns mo bhod
's losg e dò-lasraichean shaodh
suas mo bhodhaig
's dh'imrich na lasanan teth
mar dealain-dè tro mo chorp
's sgald gach nearbh 's fèich
's cha robh agam ach
a' toirt cruaidh-ghlaodh
cho àrd a smaoinichinn
gum bhiodh ballachan a' phrìosan
air a sgriosadh
's s' ann an uair sin
a rinn e gàire ri mo ghoirteachadh
's mo nàire 's mo leaghadh
(oir chac mi air cùl mo sliasaid).

Sheall mi gur ann cho cruadalach
a' bhith daoine gun fiosrachadh
mun dè a tha fear eil' a' fulangadh
's gur ann an comh-mhothachadh
a tha an toiseach mhoraltachd.

Ach chan e mallachd a ghuidh' mi
air fear dhaibh a chiùrr mi
ach gun bheachdachadh iad
na dh'fhulang mi mus a dh'eug mi
anns an daor-thaigh Abu Ghraib.

s' ann mar ann an seann fhorghall

S' ann mar ann an seann fhorghall
gun robh mise mar sealgair
ruagadh an fhèidh
le gadhair cruaidh-ruith
troimh coilltean domhainn;

no mar poileas leantainn
ghleothan gu ghleothain
bana-neach fo amharas
a-steach tall' mòr' àras

no mar balach cluich
mireag nan cruach
anns a' chamhanaich
tuiteam sna achadh.

'S ann air a' cheann thall
an ceann sia deug
nuair a bha mi a' feuch'
gur an achlaid crom-ruaig
-- ach fead air fuar-luirg
air ruith na cuthaig' --
a chunnaic mi teicheadh
tro thrannsaichean fada ...
an fheudail a oirr' bha
mi air a' thòrachd,
's rug mi oirre,
's cheap mi i,
's ghlac mi i,
's s' ann bhuam
a laigh i amhain.

's s' ann nuair a mhion-rannsich mi i
a lorg mi na h-iuchraichean
a bha air a shireachd mi --
an tè ri taobh a-staigh a sliasan
's a' cheile far a chuir i
anns an àite-falach
dlùth air a chìochan.

Dà fheanag ( 's ar cànan)


Bha dà fheanag ann air balla
‘s thuirt an tè gu na h-eile
"Cait’ a-nochd an rachadh sinn
a dh'fhaighinn ar biadh, dinn'?"

"Tha fios ‘m far a thuit gaisgeach bochd
's tha e na laighe lomnochd
air a mharbh, bàsachadh.
'S th'a h-uile duin' aineolach.

"'S chan eil dragh aig duin’ sam bith,
's chan eil duine èasgaidh
a tighinn a chuideachadh
no gun e a dol gun sàbhaladh.

"Tha a chù leis na madaidhean-allaidh,
‘s each aig' thar nam machair ruith,
‘s ann dhan an danns a chaidh a ghràdh,
às a ciall cho luath 's as a fradharc.

"Dhìochuimhnich a shluaigh e
's ann dhan geam' a tha a bhuidheann
's choimhead a chlann air an tellaidh,
's lorg a choileapach a' horo-gheallaidh.

"Rachamaid null 's lorgamaid e,
's air a chnàimh ugain nam shuidhe
bidh mi a piocadh a shùl' uaine,
agus spionaidh thusa a ghruaige buidhe
's tugaidh ar nead air an craoibhe.

‘S os cionn a' chnàmha bidh a’ ghoaithe
a' sèideadh gainmhich gu sìorraidh bràth-sa."