Sunday, July 20, 2008

A bheill Gàidhlig a bàsachadh?




Tha daoine sam bidh ag ràdh gu bheill Gàidhlig a’ bàsachadh, coltach ri nach e cànan a th’innte, ach bò shean a cha mhòr a bhios bèo agus a’ tarraing gu diorbh anail mu dheireadh. No tha iad ag ràdh gur e cànan a chan eil feum aige a-riamh coltach ri gur e inneal meirgeach a’ ann am bothan air diochuimhne. No tha iad ag ràdh gu bheil tìde Ghàidhlig air e a dhol seachad, agus ‘s e Gàdhlig “pios thaigh-tasgaidh” a th’ann, agus nach e cànan mòdam no “cànan shaoghal” airson an aona linn fichead a’ th’ann. Oir na adhbharan seo, tha iad a’ toirt, bu choir dhuinn leigeil le a’ Gàidhlig a dol fodha.

Chan eil mise ag aontachadh le na beachdan seo, airson chan eil cànan a’ bàsachadh a-mhain fhein coltach ri beathach anns an achadh. Bidh muinntire a’ socrachadh air an dàn chànan. Bidh eachdraidh a’ dol a atharrachadh le na roghainnean a bhios daoine a deanamh. Bidh daoine a’ roghnachadh gum bidh a bruidhinn ann an cànan no cànan eile. Agus ma a bhios Gàidhlig a bàsachadh, bidh e carson bidh daoine na ag ràdh gu bheil gaol aca air an cànan a leigeil e tuiteam sìos.

Gabh beachd air an seo: Air chor ar cànan ‘s gun a bhios bèo, tha càil againn nach a bhruidhinn i. Cha bu choir dhuinn a’ stad a bhruidhinn anns a’ Gàidhlig nuair a’ bhios sinn ann an rùm far am bidh Goill, ach an aghaidh, feumaidh sinn bhith moiteil à ar cànan agus misneachd nuair a bhith sinn a’ cur Gàidhlig air adhart. Agus nuair a bhios mise ag ràdh “sinn”, tha mi ciallachadh a h-uile duine -- tha e cudromach gum bidh gach Gàidheal agus bana-Gàidheal a’ dol na miseannaraidh a’ Ghàidhlig. Feumaidh pàrantan a’ bhi bruidhinn comhla ris an cloinne anns a’ Ghàidhlig agus ag ionnsachadh dhaibh gum bidh e nas cudromaiche gum bidh am Facal bèo anns na beòil aca ‘s air na teangannan aca, agus anns na beòil ‘s air na teangannan na chloinne-sa acasan.

‘S e dùthach gun stàit a’ th’annainn. Tha sinn air a sgaoileadh mun t-saoghal. ‘S e an àm a-nis a cruinnichachadh na muinntir. Feumaidh sinn a dol a-mach anns am meadhan na mhuinntir agus a toirt am Facal dhaibh. ‘S dòcha gum bidh sinn a’ cruinnichachadh ann an coinneamhan beaga. Ach tha an cruinne a’ dol a dheannamh ann an dithisean ‘s triùirean, mar a bhith e a’ dol a ath-dheanamh.

Seachd, nuair a faighnichas duine dhomh gu bheill Gàidhlig a’ bàsachadh, bhithidh freagairt agam: Chan eil, ged a tha i air a bhith na cadal, ach a-nis tha i a’ dùsgadh.

No comments: