Sunday, July 25, 2010

Air tadhal air Dùn Robain




'S e na stìopallan binneagach
a' Chaisteal na Bhana-Diùc ceannardach
a chunnaic mi sa chiad dol-a-mach
nuair a ràinig mi Dùn Robain.

Ach cha mhòr nach b'urrainn dhomh a shealltainn
gun air na muinntir a smuaintean
no mun fulangais aca an do thog na bailtean --
na bochda Dhùn Robain,

na taighean aca os an cinn an losgeadh ...
's iad air a fhuadachadh gu garbhalach
a chaidh a canadh ath-leasachadh
leis a' Bhana-phrionnsa Dùn Robain.

'S ann le sùilean ùr' a chunnaic mi
an stòras mìorbhailteach a chàrn i
agus a goidnich cha mholaidh mi --
na uabhasan Dhùn Robain.

'S ann cho geal ris cnàmhan an rutadh
mar a chaidh gu duslach am pronnadh
's an uair sin an tàthadh
bha am mùr Dùn Robain.

Dhealraich le corra-shùgain
priobadh na brionnagan
mar daoimean sna tòinn' Shatain
an t-sìth-bhrugh Dùn Robain.

A-staigh ròisealear fànnaichean òr
's airgead air a thòrradh
's gun leaghadh iomadh leabhar
anns an talla Dhùn Robain.

Bha dealbhan deach linntean ann
taisbeanadh gnùisean mòr aca fhèin faoin'
sgallaiseach sheall a' chinnidhean sin
orm bho na bailtean Dhùn Robain

Thug mi an aire dha na gruidhe reòthte
's na sùilean fuara nach blàthaichte
le smuain chomh-thruaighe no bhàidhe
aig na mór-uaislean Dhùn Robain.

S' ann mar le gruaige nan cailleach na coimhearsnachd
a fhigh na h-ighne na rìghinn na chroch-bhrait
a chroch iad le pròis feadh na h-ionaid --
an seòmar-biadhtachd 's aoidheachd 's cuideachd.
anns an taigh-oighreachd Dùn Robain.

Chunnaic mi na cìrean airgid --
am fiaclan mar air a spìonach
a-mach beoil nam pràpanach
na muinntireach Dhùn Robain.

S' ann anns an taigh-tasgaidh
bha dà cheud cinn ainmhidh
airson spors a mharbh iad,
na tighearnan Dhùn Robain.

Ach cha robh guth no sealladh ann
orr' a dh'fhogair iad n'aghaidh na lann'
Cait' a bheil na cinn nan duine gann-
fhortanach Dhùn Robain?

Anns a' ghàrradh mar fear aig a' bhànrigh
Antoinette cha mhòr nach do fhuair mi
boillsgeadh fann-solas dhith --
chluich na nighean rìgh Dhùn Robain

'S nuair a sgrìob mi (anns mo cheann) an t-òran
mun a' ghlut 's a partanachd 's a lon ...
's mu dheidhinn nan cruimh bith-bhuan
aig an t-sluagh Dhùn Robain,

's mi caillte sna mo mhac-meanmna
shìn a Bhana-Diuc às a h-uamh-sa
's chur i cas bacaig orm-sa
sìos na staidhre Dhùn Robain.

Chan e crìochnachadh an donais --
nach aideachadh no aithreachas
cogais no fhèin-agartas
eadhon anns a' bhàs Dhùn Robain.

Mo ghràidheana, loisgeamaid i far a bheil i
's na toirmaid tròcair no mathanas dhi
's na guidheamaid faothachadh fois no sìth -
air a' bhana-dhiabhail Dhùn Robain --

Na diocuimhnicheamaid gus crìoch an t-saoghail
mairidh partanachd 's cruadhail
's mi-rùn nan Gall ri clann a' Ghàidheil:
Cuimhnicheamaid gu brath Dùn Robain.

No comments: