Saturday, December 25, 2010

Ceithir rudan so-dhèanta, 's aon do-dhèanta


Faodadh duine gleac cailis òr

bhon greim iarann Macaibh Mór,


no gaisgeach an rùn a tha e a' sanntachadh

siolc bho na searr-fhiacal uilhbheist a-mach,


no troimh tòinean mion-chorrach

diùlannach snàmh thar a' chuan onfhadhach,


no bho ceann na h-ìompireachd

air a sglaim crùn-òr leis am propaireach,


ach cha b'urrainn dhut riamh atharrachadh

beachd na h-amadan rag-mhuinealach.

Thursday, December 23, 2010

Faire chlaidh

Cha dìochuimhnidh mi an h-oidhche Samhain

nuair a bha mi am measg a' chlachain

air a chuairteachadh le leacan

's nuair a bha a' ghealach a deàlrachadh

air na craobhan 's na duilleagan

a bha a' crochadh bho na meanglan

soillseachadh mar bloighean na teine,

's s' ann air mo bheulaibh --

a h-aodann mhaiseachadh bàn

's fiamh-ghàire air a tharraing

sgaoilteach dearg leathann

bho cluas gu cluas,

lethcheann gu lethcheann --

a bha bana-cleasaiche na seasamh

mar tè shluaigh a' chruinn' eile.

Ghoid mi phòg bhuaip' an uair sin

mus do theich i air falbh.

Ach, na dìochuimhneam seo riamh!

Wednesday, December 22, 2010

Ged a tha mi air feuchainn














ged a tha mi air feuchainn

ri cùmail grèim air creideimh a' Dhè

dlùth don cochall mo chridhe

(ach ro thric, creideamh a' bhata bhuidhe),

an còmhnaidh cluinnidh mise

fuaim tuinn a' chuain siar

's nan gaoth thar am machrach

a sèididh troimh na luachrach